---------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Fàs Slàn (Grow Well)
Anns na sia prògramman, leth uair a thìde a dh’fhaide, chìthear an Dr Sarah Marr ‘s i a’suibhal timcheall na dùthcha a’toirt sùil air planndrais Albannach agus na cungaidhean leighis co-cheangailte riutha, seann agus ùr. Bidh i na laighe air leapa fhraoich thràidiseanta, thèid i a’ tadhal air Leabharlann Nàiseanta na h-Alba gus sùil a thoirt air na seann manuscripts Ghàidhlig. Còisichidh i timcheall bailtean mòra na h-Alba a’coimhead air na planndraich air a chleachdadh le lusadairean an latha an diugh. Coinnichidh i ri na daoine aig a bheil ùidh mhòr ann an slàinte. An deidh a bhith ag obair mar GP fad bhliadhnaichean, agus trèanadh fhaighinn air mar a dh’fhaodar planndraich a chleachdadh gu sàbhailte airson slàinte, tha Sarah a’dol a shealltainn ciamar a b’urrainn do dhaoine a bhith… a’Fàs Slàn.